A' toirt thugaibh na naidheachdan LGDT+ as ùire

Maoin ùr air a stèidheachadh gus taic a thoirt do dh'eagraichean fèisean-pròise na h-Alba

2019-04-08

1 mion.

Tha Pink Saltire, seirbheis naidheachd LCDT na h-Alba, air an iomairt ùr, The Scottish Pride Fund, a chur air bhog gus taic ionmhais a thoirt do dh’eagraichean fèisean-pròise air feadh na h-Alba.

A bharrachd air maoineachadh do dh’fhèisean-pròise a tha stèidhichte mar-thà, thèid maoin leasachaidh sònraichte a stèidheachadh gus coimhearsnachdan a chuideachadh le bhith a’ stèidheachadh fèisean-pròise ùra.

Airson a bhith airidh air maoineachadh, feumaidh eagraichean dearbhadh gun robh teachd-a-steach fo £100,000 aca sa bhliadhna roimhe agus gum bi an tachartas aca an-asgaidh ri fhrithealadh.

Thathar a-nis a’ toirt cuireadh do ghnìomhachasan agus buidhnean gus fios a chur gu Pink Saltire gus faighinn a-mach mar a dh’fhaodadh iad a bhith nan neach-urrais.

Gheibhear barrachd fhiosrachaidh mun a’ mhaoin air an làrach-lìn scotpride.org no le bhith a’ cur post-d gu info@scotpride.org.

Thuirt Stuart Duffy, Neach-chruthachaidh Pink Saltire:

“Tha sinn air am maoin a chur air bhog gus cuid dhen chuideam a bhios air eagraichean ionadail a thogail agus gus an t-urrasachd a sgaoileadh gu cothromach air feadh na dùthcha far am faigh urrasairean tilleadh nas motha air an urrasachdan aca cuideachd.”

Dh’ainmich Riaghaltas an Rìoghachd Aonaichte an-uiridh maoineachadh a bharrachd de £1m airson iomairtean LCDT ann an Sasainn ach thuirt Riaghaltas na h-Alba anns a’ Ghearran 2018 nach rachadh maoin dhen aon seòrsa a stèidheachadh ann an Alba.

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.