A' toirt thugaibh na naidheachdan LGDT+ as ùire

Planaichean Fèis-pròise Ghlaschu air a dhiùltadh leis a' chomhairle

2019-04-01

1 mion.

Tha Glasgow Life air dearbhadh nach tèid Fèis-pròise Ghlaschu a chumail aig Taigh-tasgaidh Taobh na h-Aibhne am-bliadhna air sgàth ‘s suim airgid a tha fhathast ri phàigheadh ris a’ chomhairle airson tachartasan roimhe.

Ann an aithris ri Phink Saltire madainn an-diugh thuirt an carthannas, a bhios a’ ruith goireasan cultarach as leth Comhairle Baile Ghlaschu, nach fhaod an tachartas goireasan comhairle a chleachdadh airson tachartas am-bliadhna.

Tha grunn dhuilgheadasan air a bhith aig an tachartas anns na mìosan a chaidh seachad.

Chaidh a chàineadh an-uiridh air sgàth ‘s gun deach cus tiocaidean a reic agus nach robh cuid de dhaoine comasach air a dhol ann. Cuideachd bha gearanan mu dheidhinn droch-làimhseachadh de chleasaichean agus luchd-aoigheachd.

As t-fhoghar chaidh a dhearbhadh gun robh am poileas a’ toirt sùil air ionmhas na buidhne agus aig coinneamh poblach as t-Samhain dhearbh Stiùirich na Buidhne, Chris Laing, gun robh £32,500 fhathast aca ri phàigheadh ris a’ chomhairle.

Anns an aithisg bliadhnail aca dhan riaghlaiche carthannais OSCR, a ghabhas a leughadh an-seo, dhearbh iad call còrr ‘s £46,000 an-uiridh, a’ toirt a-steach caiteachas mì-cheadaichte de £41,422.

Tha comhairle a’ bhaile a-nis air an taic aca a chur ris a’ bhuidheann ùr LGBT Co-operative a bhios a’ cumail an tachartas an-asgaidh Mardi Gla sa bhaile as t-samhraidh.

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.