Geamaichean-bhidio LCDTQ air an taisbeanadh ann an taigh-tasgaidh Bherlin

Tha Taigh-tasgaidh Schwules ann am Berlin air taisbeanadh ùr fhosgladh gus geamaichean-bhidio LCDTQ a chomharrachadh.

Bidh luchd-tadhail a’ leantainn an taisbeanadh timcheall bogha-froise, le dath eadar-dhealaichte aig gach roinn, a’ comharrachadh nan 33 bliadhna mu dheireadh de shusbaint LCDTQ ann an geamaichean tro ealain spèisearan, cuimhneachain agus agallamhan bhidio le luchd-dealbhaidh – a bharrachd air tiotalan mar Caper in the Castro, aon dhen a’ chiad gheamaichean LCDTQ, a tha ri cluich leis an luchd-tadhail.

Chaidh an taisbeanadh a chruthachadh le neach-tasgaidh, Jan Schnorrenberg; neach-naidheachd geamaichean-bhidio, Sarah Rudolph; agus Dr Adrienne Shaw, a tha na proifeasair agus ùghdar a’ speisealachadh ann an cùisean queer, feisealachd agus gnè ann an geamaichean-bhidio agus eachdraidh geamaichean-bhidio LCDTQ.

Ann an 2016 stèidhich Shaw an làrach-lìn LGBTQ Video Game Archive gus eachdraidh geamaichean-bhidio LCDTQ a chlàradh. Thuirt i ris The Guardian:

“Ron an tasglann, cha robh tuigse eachdraidheil air susbaint LCDTQ sa mheadhan seo.”

“Tha e ga dhèanamh furasta a dhìochuimhneachadh gu bheil an seòrsa susbaint seo an còmhnaidh air a bhith ann an geamaichean.”

Thuirt Schnorrenberg gu bheil i “an dòchas gum faigh na daoine a bhios a’ dol chun taisbeanadh seo cothrom air an cultar iongantach a tha ann an seo.”

Bidh Rainbow Arcade: Queer Gaming History 1985-2018 ri fhaicinn ann an Taigh-tasgaidh Schwules gu 13mh Chèitean 2019.

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Twitter, Instagram no Facebook.