A' toirt thugaibh na naidheachdan LGDT+ as ùire

Dìreach dà chàraid aon-sheòrsach air leanabh uchd-mhacachadh ann an Èirinn a Tuath o chionn 2013

2019-01-04

1 mion.

Chaidh a nochdadh gur ann aig Èirinn a Tuath a tha an an ìre uchd-mhacaichidh as ìsle a-measg càraidean aon-sheòrsach anns an Rìoghachd Aonaichte le dìreach 1 anns gach 15 iarrtasan soirbheachadh, an taca ri 1 anns gach 2 ann an àiteachan eile san Rìoghachd Aonaichte.

A-rèir na figearan, tha 30 càraid air iarrtas uchd-mhacaichidh a chur a-steach o chionn 2013, nuair a chaidh còirichean uchd-mhacaichidh a thoirt do chàraidean aon-sheòrsach, ach cha robh ach dà iarrtas soirbheachail nam measg.

Chaidh na figearan fhoillseachadh leis a’ BhBC, às deidh iarrtas saorsa fiosrachaidh.

Thuirt E. J. Havlin, stiùiriche Adoption UK ann an Èireann a Tuath, ris a’ BhBC gur e an dòigh anns an do dh’atharraich an lagh a tha as coireach.

Bha an casg air càraidean aon-sheòrsach bho bhith uchd-mhacachadh a chur às le cùirtean Èirinn a Tuath as dèidh cùis-lagha fada seach leis a’ Phàrlamaid mar a thachair anns an còrr dhen Rìoghachd Aonaichte.

Le seo, dh’atharraich an lagh tron oidhche agus cha do leig e ùine eadar-amail gus trèanadh agus taic a bharrachd a thoirt do luchd-obrach sòisealta.

“Tha seo air a bhith na atharrachadh cultarach air leth, agus tha e a’ toirt ùine airson gabhail ri sin”, ars i.

Thuirt neach-labhairt Roinn na Slàinte ris a’ BhBC gur dòcha gur e am pròiseas fada ann an Èirinn a Tuath aon de na h-adhbharan airson ìre reusanta ìosal, a‘ ciallachadh gum faodadh cuid de na tagraichean a bhith air an aontachadh mar-thà, ach cha deach leanabh a thoirt dhaibh fhathast.

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.