A' toirt thugaibh na naidheachdan LGDT+ as ùire

Bu chòir cùisean LCDT+ a bhith na phàirt “bunaiteach” de dh’fhoghlam chloinne

Tha doctairean bho Cholaiste Rìoghail Leigheas agus Slàinte Chloinne (RCPCH) air aontachadh gum bu chòir cùisean LCDT a bhith na phàirt “bunaiteach” de dh’fhoghlam chloinne.

Tha an aithris aca air tighinn mar fhreagairt air co-chomhairle Roinn an Fhoghlaim mu atharrachaidhean dhan a’ churraicealam a thaobh Foghlam air Dàimhean agus Feise.

Dh’aontaich iad ri ceist 10 a’ cho-chomhairle gu bheil an curraicealam ùr iomchaidh dhan a h-uile aois ach cha do dh’aontaich iad ri ceist 11: “A bheil sibh ag aontachadh gum bi susbaint a thaobh Foghlam air Dàimhean, mar a tha e air a mhìneachadh ann am paragrafan 50-57 dhen stiùireadh, a’ toirt eòlais gu leòr do sgoilearan bun-sgoile gus dàimhean deimhinneach a chruthachadh?”

A-measg na molaidhean eile aca, thuirt iad gum bu chòir “aithris soilleir a bhith ann gu bheil daoine agus dàimhean LCDT na phàirt de theagaisg bun-sgoile mu dheidhinn dàimhean fallain. Faodar seo a shealltainn ann an co-cheangal ri teaghlaichean – ach tha e cuideachd feumail do chlann ionnsachadh ciall teirmean a leithid leasbach, co-sheòrsach agus dà-sheòrsach.”

Mar phàirt dhen fhreagairt aca air ceist 24, “A bheil beachdan sam bith eile agaibh mun dhreachd stiùireadh reachdail a bu mhath leibh toirt ris an roinn?”, thuirt iad gu bheil iad a’ cur fàilte air “am moladh” gum bu chòir cùisean LCDT a bhith ‘bunaiteach’.”

Faodar am freagairt gu lèir aca a leughadh air loidhne an seo.

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.