A' toirt thugaibh na naidheachdan LGDT+ as ùire

Cùisean LCDTE ri theagaisg ann an sgoiltean Albannach airson a’ chiad turas

Chaidh ainmeachadh le Riaghaltas na h-Alba Diardaoin gun tèid cùisean LCDTE a theagaisg ann an leasanan sgoile airson a’ chiad turas.

Ann an aithris ministreil gu Taigh an Ròid dh’ainmhich Rùnaire an Fhoghlaim, John Swinney, gu bheil an Riaghaltas air gabhail ris a h-uile moladh de bhuidheann obrach foghlaim in-ghabhalach LCDTE (a ghabhas leughadh an seo) a chaidh a stèidheachadh leis an amas curraicealam agus àrainneachd shòisealta nas càirdeil a chruthachadh do sgoilearan LCDTE agus gus dèiligeadh ri burraidheachd.

Am measg molaidhean a’ bhuidheann tha stiùireadh agus trèanadh nas fheàrr do thidsearan, sgrùdaidhean sgoile air in-ghabhail LCDTE agus clàr de thachartasan burraidheachd ann an sgoiltean.

Gheibh a h-uile sgoil stàite taic gus diofar bhuidhnean aois a theagaisg mu chùisean a leithid briathrachas agus dearbh aithne LCDTE, dèiligeadh ri leth-bhreith, gràin-co-shèorsachd, gràin-dà-sheòrsachd agus gràin-tar-ghnèitheachd agus eachdraidh an iomairt airson co-ionannachd.

Ro 2000 bha e mì-laghail airson co-sheòrsachd a bhrosnachadh ann an sgoiltean fo Earrann 28.

Tha an naidheachd seo a’ tighinn mar thoradh air an Iomairt TIE (Time for Inclusive Education) a chaidh a stèidheachadh ann an 2015 le Jordan Daly agus Liam Stevenson.

A’ bruidhinn air an naidheachd thuirt co-stèidheadairean an iomairt:

“As dèidh trì bliadhna de iomairt, tha sinn air leth toilichte gum bi foghlam in-ghabhalach LCDT na fhìrinn ann an sgoiltean stàite na h-Alba air fad. 18 bliadhna as dèidh Earrann 28 a mì-laghachadh tha frèam nàiseanta làidir againn mu dheireadh thall airson an sgàilean fada a chaidh a thilgeil thairis air an roinn foghlam againn a cheartachadh.”

“Tha seo a’ ciallachadh gun ionnsaich daoine òga gu lèir mun choimhearsnachd LCDT; na tha iad air cur ris a’ chomainn-shòisealta, eachdraidh ar gluasadan airson còirichean co-ionann agus am buaidh a th’ aig gràin-co-sheòrsachd, gràin-dà-sheòrsachd, gràin-tar-ghnèitheachd agus burraidheachd.”

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.