A' toirt thugaibh na naidheachdan LGDT+ as ùire

Aonar anns gach triùir de dhaoine LCD a’ fulang burraidheachd ann an sgoil agus san àite-obrach

Tha aonar anns gach triùir de dhaoine leasbach, co-sheòrsach agus dà-sheòrsach a dh’fhulaing burraidheachd nuair a bha iad ann an sgoil cuideachd a’ fulaing burraidheachd san àite-obrach a-rèir sgrùdadh ùr bho Oilthigh Anglia Ruskin.

Chruthaich an sgrùdadh beachdan bho 400 duine anns an Rìoghachd Aonaichte ann an 2016.

A-rèir na toraidhean thuirt 73% de fhireannaich co-sheòrsach agus dà-sheòrsach gun do dh’fhulaing iad burraidheachd gu cunbhalach, gu tric neo uaireannan nuair a bha iad ann an sgoil. Thuirt 35.2% gun do dh’fhulaing iad burraidheachd an dà chuid ann an sgoil agus san àite-obrach. Cha tuirt ach 9.9% nach robh iad air burraidheachd sam bith a dh’fhulaing a-riamh.

Tha seo an coimeas ri boireannaich leasbach agus dà-sheòrsach a thuirt gun do dh’fhulaing 59% dhiubh burraidheachd san sgoil gu cunbhalach, gu tric neo uaireannan agus 29% dhiubh san sgoil agus àite-obrach.

B’ e 37 aois chuibheasach nan com-pàirtichean, a’ ciallachadh gur ann eadar 1985 agus 1997 a bha iad ann an sgoil.

Thuirt Dr Nick Drydakis, ùghdar an sgrùdaidh, gu bheil na toraidhean a’ moladh gu bheil burraidheachd na dhuilgheadas a leanas daoine LCD bhon sgoile dhan àite-obrach agus bidh seo a’ toirt droch bhuaidh seasmhach air na daoine fhèin, companaidhean agus a’ chomann sòisealta gu h-iomlan.

‘S e co-dhùnadh an sgrùdadh gu bheil burraidheachd aois sgoile ag adhbharachadh ìrean nas àirde de throm-inntinn, uallach agus iomagain agus ìre fèin-mheasaidh nas ìsle. Mar thoradh air sin tha an àireamh de dhaoine LCD a’ dol air adhart gu foghlam aig àrd-ìre nas ìsle agus tha seo a’ ciallachadh gu bheil nas lugha de dhaoine LCD, gu h-àraid fireannaich co-sheòrsach agus dà-sheòrsach a’ faighinn obair ann an dreuchdan white-collar.

Gus dèiligeadh ris an duilgheadas seo tha an sgrùdadh a’ moladh ro-innleachdan a chur an gnìomh ann an sgoiltean agus àiteachan-obrach an aghaidh burraidheachd agus e ag ràdh gu bheil buidhnean LCDT+ na chuideachadh do dhaoine LCDT+ san àite-obrach.

Tùsan

Cambridge Network: Bullying ‘follows’ LGB people from school to work

Gay Star News: Bullied in school due to your sexuality? It may not get better at work

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.