A' toirt thugaibh na naidheachdan LGDT+ as ùire

Còrr is $3000 air a thogail airson leabhraichean cloinne LCDT+ a thoirt ri leabharlann Ameireaganach

2018-11-02

1 mion.

Tha an t-eadar-lìon air còrr is $3000 a thogail gus leabhraichean cloinne LCDT+ ùra a cheannach dhan leabharlann ann am Baile Orainds, Iowa.

Chaidh an iomairt a chur an gnìomh mar thoradh air bhideo a chaidh a sgaoileadh air Facebook le Paul Dorr anns an do loisg e sreath de leabhraichean cloinne LCDT+ bhon leabharlann a’ toirt a-steach Two Boys Kissing le David Levithan agus This Day in June le Gayle Pitman.

Thuirt Mgr Dorr anns am bhideo nach b’ urrainn dha “leigeil leis na h-inbhich aig Bòrd Leabharlann Baile Orainds an ath-bhuidheann de chlann bheag a thoirt a-steach dhan fhìorachd ghnèitheasach salach aca gun chomhaireachd làidir” agus gu bheil e dhen bheachd gu bheil co-sheòrsachd air adhbharachadh le cron a bhios inbhich a’ dèanamh air clann.

Cuideachd bhrosnaich e daoine LCDT+ a bhith a’ coiseachd air falbh bho chlaonadh, a’ dèanamh aithreachas agus a’ tilleadh air ais gu Crìosda.

Mar thoradh air am bhideo chaidh iomairt togail airgid a chur an gnìomh air Facebook le Justin Scott gus “leabharlann Baile Orainds a lìonadh le tòrr leabhraichean a bharrachd a chomharraicheas eòlas beatha agus tabhartasan de dhaoine LCDT+.”

Aig àm fhoillseachaidh an sgeulachd seo chaidh $1626 a thogail leis.

Thuirt Mgr Scott ann am post air Facebook:

“Seall air an taic làidir – bho Crìosdaidhean, neo-dhiadhairean agus a h-uile duine eile eadarra – a tha a’ choimhearsnachd LCDT+ air fhaighinn mar thoradh air an cleas sgreamhail aige”

Chaidh còrr is $2300 a bharrachd a thogail le iomadh iomairtean togail airgid eadar-dhealaichte air GoFundMe (Orange City LGBT Library Fund / Replace the Vandalized LGBT books / Replace the burned LGBTQ+ books!).

Tha Mgr Dorr air ràdh nach biodh e a’ pàigheadh airson na leabhraichean a sgrios e. Mura dèan e sin dh’fhaodadh e bhith air a chur an cèill agus ’s e 30 latha sa phrìosan agus cìs de $625 am binn as motha gum b’ urrainn dha fhaighinn.

Tha ionnsaighean air susbaint LCDT+ ann an leabharlannan anns na Stàitean Aonaichte air àrdachadh anns na mìosan a dh’fhalbh.

Anns an t-Sultain chaidh cuideam a chur air Leabharlann Poblach Rumford ann am Maine gus casg a chur air leabhraichean LCDT+ air sgàth gun robh Crìosdaidhean ag ràdh nach robh iad iomchaidh do chlann.

Cuideachd anns an t-Sultain chur gnìomhaichean bileag lagha a-steach an aghaidh Leabharlann Lafayette ann an Louisiana airson tachartas a chumail far an robh Bànrighrean-draga a’ leughadh sgeulachdan dhan chlann.

Chaidh bileag lagha dhen aon t-seòrsa a chur a-steach an aghaidh Leabharlann Houston ann an Texas 19mh An Dàmhair.

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.