Jeff Bezos air tabhartas de $10,800 a thoirt gu Seanadair Poblachdach a bhòtas gu cunbhalach an aghaidh còirichean LCDTE+

Tha Jeff Bezos, Ceannard Amazon, air tabhartas de $10,800 a thoirt gu Seanadair Poblachdach a tha air bhòtadh gu cunbhalach an aghaidh còirichean LCDTE+.

Bhuannaich Mgr Bezos duais an-uiridh bho Iomairt Chòirichean Daonna airson $2.5 millean a thoirt dhan iomairt airson co-ionannachd pòsaidh ann an Stàit Washington ann an 2012.

Thug e òraid seachad mu neo-ionannachd aig an t-seirbheis duais anns an tuirt e :

“Feumaidh sinn ga nochdadh, ga thuigsinn, ga cheasnachadh agus ga chur ceart. Agus tha sinn ga chur ceart.”

Ach a-nis thathar ag aithris gu bheil Mgr Bezos air $10,800, an tabhartas ceadaichte as àirde, a thoirt gu Seanadair Cory Gardner airson an iomairt taghaidh 2020 aige.

Mar chathraiche Comataidh Seanaireach Poblachdach Nàiseanta, tha Seanadair Gardner am measg nan daoine as cumhachdaiche sa phàrtaidh aige.

Bhòt e roimhe gus stad a chur air càraidean aon-ghnèitheach anns an stàit bho bhith ag uchd-mhacachadh cloinne no a’ dealbhadh an oighreachd aca còmhla. Bhòt e an-aghaidh bile a chuireadh casg air leth-bhreith a thaobh gnèitheachd, agus fhad ’s a bha e ann an Taigh Riochdairean nan Stàitean Aonaichte bhruidhinn e agus bhòt e an aghaidh pòsadh aon-ghnèitheach iomadh turas.

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Twitter, Instagram no Facebook.