A' toirt thugaibh na naidheachdan LGDT+ as ùire

A’ Chiad Fèis-pròise airson na h-Eileanan an Iar

2018-09-15

1 mion.

Chaidh ainmeachadh Diardaoin gun tèid a’ chiad fèis-pròise a-riamh a chumail anns na h-Eileanan an Iar 6mh Dàmhair.

Mar phàirt dhen fhèis bidh caismeachd ann an Steòrnabhagh agus thèid crìoch a chur air an fhèis le pàrtaidh anns a’ chlub-oidhche Era sa bhaile.

Bhruidhinn Carl Easton, manaidsear a’ chlub ris The Scotsman:

“Tha coimhearsnachd co-sheòrsach air an eilean ach coltach ri àiteachan beaga eile, cha bhiodh daoine ga sgaoileadh. Tha e sàmhach agus caran mùchta.”

“Tha mi an dòchas gum faigh an tachartas fàilte mhòr.”

“Is dòcha gum bi duine no dhà a’ seasamh taobh a-muigh mo chluba le soidhnichean. Chan eil mi ag aontachadh le sin ach tha mi a’ creidsinn gu bheil còir aca a bhith comasach air sin a dhèanamh.”

Chuir Angus McCormack, Comhairliche Neo-eisimeileach airson Steòrnabhagh a Deas, fàilte air an tachartas. Thuirt e ris The Scotsman:

“Tha mi air leth toilichte gum bi seo a’ dol air adhart agus tha mi an dòchas gun tèid taic farsaing a thoirt dha.”

“Air sgàth ’s gu bheil tachartasan mar seo air feadh na h-Alba a-nis, ’s dòcha gu bheil daoine a’ tòiseachadh ri feumalachdan dhen a h-uile coimhearsnachd aithneachadh.”

Chan eil barrachd fiosrachaidh ann mun tachartas aig an àm seo ach sgrìobh na h-eagraichean air Facebook gu bheil iad airson àm iongantach a bhith aca agus iad airson crìoch air a chur air neo-fhulangas ann na h-eileanan an iar.

Cumaibh sùil air an duilleag Facebook seo airson am fiosrachadh as ùire mun tachartas.

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.