A' toirt thugaibh na naidheachdan LGDT+ as ùire

Comhairle Obair Dheathain a’ rannsachadh sgaoileadh de bhileagan a dh’fhaodadh a bhith gràineil ri daoine LCDTE

2018-07-25

1 mion.

Chaidh rannsachadh a chur air bhog le Comhairle Obair Dheathain an dèidh sgaoileadh de bhileagan a dh’fhaodadh a bhith gràineil ri daoine LCDTE.

Tha bratach a’ bhogha-frois a’ nochdadh air beulaibh na bileig leis an tiotal “What come comes after pride” sgrìobhte air agus a-rèir an Evening Times tha abairtean a leithid “pride is something evil that comes from a person’s heart” agus “God sees pride the same way he sees so many other behaviours – as sinful” a’ nochdadh na broinn.

Tha coltach gun deach na bileagan a sgaoileadh leis a’ bhuidhinn Mustard Seed Chapel International.

Thuirt neach-labhairt an seipeil ris an Evening Times nach eil gràin-co-sheòrsachd sam bith anns na bileagan.

Bidh a’ bhuidheann a’ coinneachadh ann an Sgoil Kaimhill ann an Garthdee, a tha leis an ùghdarras ionadail.

Dh’iarr luchd-fuirich Garthdee air a’ Chomhairle Ionadail iarraidh air Comhairle Obar Dheathain gus casg a chur air a’ bhuidhinn bhon togalach.

Thuirt neach-gairm an Fhoghlaim, John Wheeler ris a’ BhBC:

“Chan eil àite airson gràin-co-sheòrsachd ann an Obar Dheathain.”

“Mar ùghdarras, bha sinn air leth toilichte taic a thoirt ri Fèis-pròise a’ Mhonaidh ann an Obar Dheathain na bu tràithe am-bliadhna. Tha tachartasan a leithid am fèis-pròise a’ soillearachadh an iomadachd làidir a th’ aig na coimhearsnachdan ann an Obar Dheathain.”

“Tha a’ chomhairle a’ rannsachadh an tachartais aig Kaimhill. Aon uair ’s gu bheil an rannsachadh sin air co-dhùnadh a ruighinn thèid gnìomh iomchaidh sam bith a thoirt gu buil.”

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.