A' toirt thugaibh na naidheachdan LGDT+ as ùire

Juice1038 na chiad stèisean rèidio LCDTE ann an Èirinn a Tuath

2018-07-24

1 mion.

Tòisichidh Juice1038 a’ craoladh bho phrìomh-bhaile Èirinn a Tuath air 4mh An Lùnastal, an aon latha ri Fèis-pròise Bheul Feirste.

Bidh an sianal a’ cluich measgachadh de fuinn dannsa clasaigeach, ath-mheasgachaidhean agus òrain ùra bho na charts.

Faodar sampall dhen stèisean a chluinntinn an-dràsta air an làrach-lìn aca.

Thuirt neach-labhairt an stèisean ri RadioToday:

“Tha daoine LCDT+ a’ tighinn bho gach raon-beatha agus ’s e an t-amas a th’ againn a bhith a’ frithealadh cho mòr sa choimhearsnachd againn sa ghabhas le bhith a’ cleachdadh stoidhle taisbeanaidh in-ghabhalach measgaichte le susbaint cainnte a tha a’ buntainn dhan luchd-èisteachd againn agus ceòl sònraichte nach eil ri chluinntinn air rèidio Èirinn a Tuath.”

“Cluichidh Juice measgachadh de dhannsa agus dannsa clasaigeach, ath-mheasgachaidhean, singiltean air an taghadh gu cùramach bhon Top 40 agus clasaichean co-sheòrsachd.”

“Bidh ùidh mhòr aig a’ choimhearsnachd LCDT+ anns an susbaint cainnte againn, a bhios a’ toirt a-steach naidheachd LCDT+ agus prògram a bhios a’ soillearachadh agus a’ beachdachadh air na h-amasan, draghan, soirbheachasan agus cùisean a tha a’ toirt buaidh air an luchd-èisteachd againn.”

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.