A' toirt thugaibh na naidheachdan LGDT+ as ùire

Sagart Caitligeach air a chur à dreuchd airson ràdh gun robh fèis-pròise Ghlaschu a’ dèanamh oilbheum do Dhia

2018-07-19

1 mion.

Chaidh an sagart Caitligeach Mark Morris a chur à dreuchd le Oilthigh Cailleannach Ghlaschu as dèidh dha ràdh gun robh fèis-pròise Ghlaschu a’ dèanamh oilbheum do Dhia.

Bha mìltean de dhaoine an-làthair aig an cruinneachadh bliadhnail LCDTE sa Ghlaschu Disathairne seo chaidh.

An dèidh an tachartas sgaoil Mgr Morris chuireadh do luchd-paraiste a bhith an-làthair aig sèirbheis urnaigh gus rèiteachadh airson fèis-pròise Ghlaschu a bha air oilbheum a dhèanamh do Dhia.

Bha Mgr Morris an urra ri feuman spioradail nan oileanaich aig an oilthigh, ach thuirt ceannardan an oilthigh nach robh a bheachdan co-chòrdail ri beachdan an oilthigh.

Thuirt Pamela Gillies, Prionnsapal an Oilthigh:

“An dèidh co-chomhairle, cha till Mgr Mark Morris ris a dhreuchd seiplineachd aig an oilthigh san t-Sultain.”

“Obraichidh an t-oilthigh còmhla ri Sgìre-Àrd-Easbaig Ghlaschu gus dèanamh cinnteach gun tèid taic seiplineachd leantainneach a thabhann do luchd-obrach agus oileanaich aig an ionad creideimh againn nuair a thòisicheas an teirm ùr.”

“Tha an t-oilthigh gu math in-ghabhalach agus tha dealas aige do cho-ionnanachd agus iomadachd air a’ champus.”

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.