A' toirt thugaibh na naidheachdan LGDT+ as ùire

Luchd-poilitigs co-sheòrsach airson reifreann eile air Brexit

Tha Justine Greening, BP ag iarraidh reifreann eile air Brexit agus i air ràdh gur e “fudge” a th’ ann am molaidhean a’ Phrìomhaire Theresa May.

Bha a’ Bh-Uas Ghreening air a bhith na Rùnaire an Fhoghlaim o chionn 2016 ach leig i a dreuchd às dèidh don chaibineat ath-shuidheachadh san Fhaoilleach am-bliadhna.

Sgrìobh i anns The Times gu bheil trì roghainnean ann: cùmhnant a’ Phrìomhaire; a’ fuireach san AE; no briseadh bhon AE gun aonta sam bith.

agus tha i dhen bheachd gum bu chòir do reifreann eile a bhith ann gus an tèid co-aontachd a ruighinn.

Tha Michael Cashman na Mhorair Làbarach agus sgrìobh e ann an artaigeil airson GSN (Gay Star News) o chionn ghoirid:

“Tha plana Brexit an Riaghaltais a’ cur còraichean ar coimhearsnachd ann an cunnart agus tha e a’ bagairt a bhith gar sgaradh, ga dhèanamh nas duilghe airson na guthan againn a chluinntinn.”

“Cha do bhòt daoine airson an aonta “shoddy” a tha iad a’ gròbadh ri chèile agus chan e an rud as fheàrr a th’ ann airson ar dùthaich no ar coimhearsnachd.”

“Co-dhiubh ma chur thu taic ris an taobh fàgail no an taobh fuireach, cha do bhòt buill ar coimhearsnachd airson droch Bhrexit a bhiodh a’ tolladh fo ar còraichean daonna”

“Cha ruig Breatainn air droch Bhrexit a bhios a’ tolladh fo ar còraichean a bhuainnich sinn le strì.”

Thuirt neach-labhairt a’ Phrìomhaire Theresa May nach biodh dàrna reifreann air Brexit fo suidheachadh sam bith.

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.