A' toirt thugaibh na naidheachdan LGDT+ as ùire

Duine tar-ghnèitheach a’ strì airson a bhith air aithneachadh gu h-oifigeil mar athair a phàiste

2018-06-19

1 mion.

Tha duine tar-ghnèitheach anns an Rìoghachd Aonaichte a’ strì airson a bhith air aithneachadh gu h-oifigeil mar athair a phàiste.

Ged a bha gnè an duine air atharrachadh gu h-oifigeil mus do rugadh an leanabh, tha lagh Bhreatainn ag ràdh gum feum an neach a bheireas leanabh a bhith air a chlàradh air an teisteanas breith mar mhàthair.

Tha an duine nach gabh ainmeachadh ag ràdh gu bheil seo a’ briseadh na còirichean aige agus tha e a’ sireadh cead airson teisteanas breith a phàiste atharrachadh gus am bi e clàraichte air mar athair no pàrant seach màthair.

Ma tha an duine soirbheachail bidh an leanabh a’ chiad fhear san dùthaich gun mhàthair laghail agus dh’fhaodadh riaghailtean Bhreatainn air teisteanasan breith atharrachadh gu bràth.

Thèid co-dhùnadh a dhèanamh le Àrd-chùirt Lunnainn san t-Sultain.

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.