Pàrlamaid na h-Alba air bhòtadh gus Lagh Thuring a chur an gnìomh

Tha Pàrlamaid na h-Alba air bhotadh gu h-aon-ghuthach airson lagh ùr a chur an gnìomh a chìthear mathanas oifigeil a thoirt do dhaoine co-sheòrsach agus dà-sheòrsach a chaidh an dìteadh fo laghan lethbhreith eachdraidheil.

Thèid mathanas a thoirt gu fèin-ghluasadach dhan a h-uile daoine a chaidh a dhìteadh fo na seann laghan co-dhiubh ma tha iad beò no marbh.

Cuideachd thèid cothrom a thoirt do dhaoine gus tagradh a dhèanamh airson na dìtidhean aca sguabadh à chlàran eucorach.

Cha deach fèise aon-sheòrsach a dhèanamh laghail ann an Alba gu 1981, còrr ’s deich bliadhna as dèidh Sasainn agus a’ Chuimrigh.

A’ bruidhinn mun lagh ùr, thuirt Tim Hopkins, Stiùiriche Lìonra Co-ionnanachd: “Tha sinn a’ cur fàilte chrìdheil air an naidheachd gun deach am bìle seo a dhèanamh na lagh leis a’ Phàrlamaid. Tha seo a’ toirt aithne dha-rìribh dhan chron mhòr a chaidh a dhèanamh do dhaoine a chaidh a dhìteadh no a dh’fhuirich fo na seann laghan seo.”

“Còmhla ri leisgeul poblach a’ Phrìomh Mhinisteir anns a’ Phàrlamaid san t-Samhain, tha e follaiseach gu bheil Alba air atharrachadh gu brath agus nach eil lethbhreith iomchaidh tuilleadh.”

“‘S e an ath cheum an lagh ùr a chur an gnìomh agus fhoillseachadh. Bidh follseachadh air leth cudromach gus am bidh a h-uile duine a tha fo bhuaidh na dìteadh eachdraidheil seo a chluinntinn mu a dheidhinn. Tha daoine LCDTE fhathast a’ fuiling claon-bhreith agus nàimhdeas, agus tha mòran a bharrachd fhathast ri dhèanamh.”

“Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ leantainn oirnn ag obair le Riaghaltas na h-Alba gus an Achd Aithneachadh Gnè leasachadh airson daoine tar-ghnèitheach, agus obair eile a dhèanamh gus dèiligeadh ri gràin-co-sheòrsachd, gràin-dà-sheòrsachd agus gràin-tar-ghnèitheachd agus gus cothromachd a bhrosnachadh dha na h-uile.”

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Twitter, Instagram no Facebook.