A' toirt thugaibh na naidheachdan LGDT+ as ùire

Maoineachadh de chòrr is £8000 a thoirt gu Fòram LCDT na Gàidhealtachd

2018-05-05

1 mion.

Thèid maoineachadh de chòrr is £8000 a thoirt gu Fòram LGDT na Gàidhealtachd le Mhaoin a’ Chrannchuir Mhòir airson tachartas Proud Ness a chumail ann an Inbhir Nis san t-Sultain. A bharrachd air Proud Ness thathar ag ràdh gum bi sreath de thachartasan nas lugha ann an àiteachan eile anns a’ Ghàidhealtachd sna mìosan a leanas.

Thuirt neach-labhairt an fòraim ri Phink Saltire:

“Tha Fòram LGBT na Gàidhealtachd fìor thoilicte gun d’fhuair sinn maoineachadh. Tha na tachartason airson iomadachd, co-ionnanachd agus co-chòrdadh a bhrosnachadh taobh a-staigh na Gàidhealtachd. Chaidh mòran a dhèanamh leis an Riaghaltas airson seo a bhrosnachadh ach tha obair fhathast ri dhèanamh gus aontachas sòisealta leasachadh anns a’ Ghàidhealtachd.”

Thuirt BPA airson Inbhir Nis agus Inbhir Nàrann, Fergus Ewing:

“Tha mi an dòchas gum bidh deagh fhrithealadh aig na tachartasan seo agus gum bidh iad a’ brosnachadh tuigse agus aontachas nas fheàrr anns a’ Ghàidhealtachd air daoine aig a bheil beachdan agus cùl-raointean eadar-dhealaichte. Bu chòir dhuinn uile luach a thoirt air a chèile mar dhaoine, air sgàth ’s gu bheil beatha luachmhor, agus fuireach còmhla nar coimhearsnachdan le spèis agus aontachas air eadar-dhealachaidhean.”

Tha am Fòram a’ cur fàilte air daoine a bhios airson frithealadh an ath choinneamh aca air 12mh Cèitean anns a’ Ghearasdan far a bhios cothrom ann a bhith a’ cuideachadh le cruth a chur air an tachartas.

Tha Alba air a bhith a’ faicinn àrdachadh mòr ann an tachartasan LGDT san fharsaingeachd, le 11 Fèisean Pròise dearbhte a’ gabhail àite ann an 2018, an coimeas ri dìreach 4 ann an 2017. Tha cuideachd grunn thachartasan a’ gluasad a-mach de mheadhan na h-Alba, leithid Campa Pròise LGDT ann an Siorrachd Inbhir Àir agus Còla-deug Fèis Spòrs LEAP (le 60 tachartas air feadh na h-Alba).

Na bu tràithe sa bhliadhna chaidh a’ chiad Fèis Pròise Tar-ghèitheach a chumail ann an Dùn Èideann agus chaidh tachartasan ùra ainmeachadh airson Siorrachd Pheairt, Dùn Dè, Grampian, Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh, Lodainn an Ear agus Eilean Bhòid agus tha seo a bharrachd air tachartasan stèidhichte mar-thà ann an Fìobha, Lodainn an Iar, Dùn Èideann agus Glaschu.

‘S urrainn dhuibh cumail suas leis na tha am Fòram a’ dèanamh air an

làrach-lìn aca no air Facebook.

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.