A' toirt thugaibh na naidheachdan LGDT+ as ùire

A’ Chiad Fèis-pròise Tar-ghnèitheach ann an Alba

2018-03-27

1 mion.

Thèid a’ chiad Fèis Pròise Tar-ghnèitheach ann an Alba a chumail Disaithairne 31 Màrt 2018 eadar 12-5f.

An tòiseach bidh caismeachd sìos a’ Mhìle Rìoghail gu Pàrlamaid na h-Alba far am bi luchd-labhairt a’ toirt òraid.

As dèidh sin coinnichidh luchd-frithealaidh aig Ionad Co-labhairt Iain Mac an t-Saoir far am bi diofar bùthan-obrach, mic-fosgailte agus cabadaich gu leòr ann.

Bidh fàilte chridheil air daoine tar-ghnèithich agus na càirdean aca. Ma tha sibh airson dol cuiribh fios gu TransPride Scotland le bhith a’ clàradh an seo: https://www.eventbrite.co.uk/e/trans-pride-scotland-tickets-43137513464

Airson barrachd fhiosrachaidh thoiribh sùil air na làraichean-lìn seo:-

Làrach-lìn: www.transpridescotland.org

Bùthan-obrach: https://www.transpridescotland.org/workshop-schedule

Twitter: https://twitter.com/TransPrideScot

Facebook: https://www.facebook.com/transpridescotland/

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.