A' toirt thugaibh na naidheachdan LGDT+ as ùire

Casg air tar-ghnèithich ann an seirbheisean armailteach nan Stàitean Aonaichte

2018-03-26

1 mion.

Chaidh a dhearbhadh le Ceann-suidhe nan Stàitean Aonaicte Donald Trump gu bheil casg air a chuid as motha de thar-ghnèithich le mì-rian ghnèitheach bho sheirbheis armailteach.

A-rèir an aithris aige chaidh am poileasaidh ùr seo leasachadh mar thoradh air sgrùdadh farsaing a rinn ceannardan armailteach agus sìobhalta. A bharrachd air an aithris chaidh meòrachadn bho Rùnaire an Dìon James Mattis fhòillseachadh far an do dh’innis e gu Trump gu bheil cunnartain mòra ann a bhith a’ toirt cead do thar-ghnèithich a bhith a’ gabhail anns na feachdan armailteach air sgàth ‘s gum feumadh iad a bhith saor bho shreath de riaghailtean inntinneil, corporra agus gnèitheach agus gum faodadh iad bacadh a chur air ullachadh agus co-ionnannachd an aonaid agus droch-bhuaidh a thoirt air èifeachdas na feachdan armailteach.

Thuirt Runaire Mattis gum faodadh tar-ghnèithich gabhail anns na feachdan armailteach ma tha iad air a bhith seasmhach agus ag aithneachadh an gnè bith-eòlasach aca airson 36 mìosan às dèidh a chèile.  A’ dol air adhart thuirt e nach tèid casg a chur air buill le mì-rian gnèitheach ma tha iad air am breithneachadh as dèidh gabhail ann agus mura h-eil iad airson an gnè aca atharrachadh gu h-oifigeil. Mu dheireadh thuirt e gum faod buill seirbheis a chaidh a dhearbhadh le mì-rian ghnèitheach eadar an t-àm a thàinig poileasaidh an rianachd roimhe gu buil agus ceann-latha èifeachdah a’ phoileasaidh ùir an gnè aca atharrachadh ma thogras iad agus gum faigh iad leigheas a tha a dhìth.

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.