A' toirt thugaibh na naidheachdan LGDT+ as ùire

A’ Chiad Fèis-pròise Pheairt

2018-03-24

1 mion.

Thèid a’ chiad Fèis-pròise a chumail ann an Siorrachd Pheairt Disathairne 11 Lùnastal 2018.

Chaidh a chur an cèill gu bi am buidheann-eagrachaidh ag obair ann an compàirteachas le Comhairle Pheairt & Cheann Rois gus tachartas eadar-mheasgte a chumail a’ bhios a’ toirt misneachadh dhan choimhearsnachd LGBT a tha a’ fuireach san sgìre.

Tha am buidheann-eagrachaidh ag obair gu dlùth ri buidheann-eagrachaidh a’ chiad Fèis-pròise Fhìobha ann an 2017 air sgàth ‘s rannsachadh a tha a’ sealltainn gun do chuir an fhèis acasan còrr ‘s £150,00 ri eaconamaidh na sgìre agus gun robh còrr ‘s 3000 neach an làthair.

Tha an naidheachd seo a’ ciallachadh gu tèid 11 Fèisean-pròise a chumail air feadh Alba am-bliadha. Nam measg tha Obair Dheathainn, Dùn Dè, Glaschu, Dùn Èideann agus fiù ‘s Eilean Bhòid.

Ma tha sibh airson cuideachadh aig an fhèis leigibh fios dhan bhuidheann-eagrachaidh air Facebook no post-d: info@perthshirepride.com

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.