42 tagraichean LCDT+ a’ sireadh taghaidh ann an Teagsas am bliadhna

A-rèir an iris OutSmart tha co-dhiù 42 tagraichean LCDT+ a’ sireadh taghaidh ann an Teagsas am bliadhna.

Tha dithis dhe na tagraichean a’ sireadh taghaidh mar Riaghladair, aonar mar bhall Àrd-chuirt Theagsais, triùir mar bhuill Seanadh Theagsais, deichnear mar bhuill Taigh Theagsais, ochdnar mar bhuill a’ Mhór-dhàil agus dusan eile a’ sireadh oifisean laghail eile.

Am measg na tagraichean tha còignear a tha tar-ghnèitheach, triùir Ameireaganach-Afraganach, sianar Spàinnteach agus tha 38 dhiubh buill anns a’ Phartaidh Deamocratach.

Bha Lupe Valdez na Siorram ann an Siorrachd Dhallais eadar 2005 agus 2017 agus i a-nis a’ sireadh taghaidh mar Riaghladair. Thuirt i ri OutSmart, “‘S e mòmaid phròiseil a tha seo ann an eachdraidh Theagsais.

“Tha e iongantach gu bheil fear ghèidh agus leasbach comasach air taghadh a sireadh dhan oifis as àirde ann an Stàit Theagsais agus e a’ sealltainn an adhartais a tha sinn air a dhèanamh mar chomann-sòisealta,” ars Jeffrey Payne, a tha a’ sireadh taghaidh mar Riaghladair cuideachd.