A' toirt thugaibh na naidheachdan LGDT+ as ùire

Ceannard Caitligeach airson bhòtadh air pòsaidhean aon-sheòrsach

2012-07-17

1 mion.

Tha ceannard Eaglais Chaitligeach na h-Alba air iarraidh gun tèid bhòt a chumail ann an Alba a thaobh pòsadh càraidean aon-sheòrsach.

Thuirt Càirdineal Keith O’Brien: “Tha e soilleir ma bhios e ciallach gus bhòt a chumail a thaobh neo-eisimeileachd, bidh e deatamach gun tèid bhòt a chumail a thaobh pòsadh gus an tig an dùthaich ri co-dhùnadh mun a’ chùis seo. Thoir e cothrom do dhaoine aig a bheil beachd air a chùis seo a bhith a’ cur earbsa ann am muinntir na h-Alba gus co-dhùnadh a dhèanamh.”

Tha an Eaglais Chaitligeach air ràdh gun cosgaidh iad £100,000 a bharrachd air an iomairt an-aghaidh pòsadh càraidean co-sheòrsach. Tha seo a bharrachd air an £50,000 a tha iad air a chosg gu ruige seo.

A-rèir cunntas-bheachd a rinn Stonewall Scotland o chionn goirid bidh 2/3 de dhaoine ann an Alba toilichte gu leòr airson càraidean aon-sheòrsach a phòsadh.

Tha Riaghaltas na h-Alba air a bhith a’ dèanamh deasbad mun a’ chùis o chionn ghoirid agus tha dùil ri co-dhùnadh ro deireadh na mìos.

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.