A' toirt thugaibh na naidheachdan LGDT+ as ùire

Iongnadh mòr air California às deidh baraile bho Attorney General

2008-12-23

1 mion.

Chuir Attorney General Edmund G. “Jerry” Brown, Jr., iongnadh air a h-uile duine ann an California nuair thug e bharail laghail do Àrd-chùirt Chalifornia an aghaidh Proposition 8. Bidh dleastanas àbhaisteach aig an Attorney General an lagh a’ dìon. Thuirt Attorney General Brown, a b’ àbhaist a bhith na riaghladair e fhèin (1975-1983), gu nach eil comas aig bhòt an t-sluaigh sam bith a chur às don còraichean bun-reachdail coltach ri co-ionnanachd nan daoine. ‘S e seo argamaid laghail caran nas làidire na h-argamaid a rinn na luchd-dùbhlain eile.

Bidh an neach-lagha ainmeil Kenneth Starr a’ dìon Proposition 8 air beulaibh an Àrd-chùirt Chalifornia mar riochdaire nam buidheann a chuir am Proposition air adhart bho thùs. Bha Kenneth Starr an sàs sna cùisean-lagha an aghaidh Ceann-suidhe Bill Clinton anns na 1990s, agus an-diugh tha e na Dhean aig Pepperdine Law School ann am Malibu ann an California.

An e “ath-sgrùdadh neo dìreach “atharrachadh” a th’ ann?

‘S ann do bun-reachd na stàite a bhuineas Proposition 8 an-dràsta. Chan urrainn do Àrd-chùirt bun-reachd a chur às. Ciamar am b’ urrainn do luchd-dùbhlain a thoirt cùis-lagha na h-aghaidh? Seo cnac a’ chùis: tha clàs dìon còraichean co-ionnan aig Bun-reachd na Stàite, ach an e Proposition 8 ath-sgrùdadh mòr air a’ chlàs sin agus a’ Bhun-reachd fhèin, neo dìreach atharrachadh beag? ‘S e ceist chudromach a th’ann. ‘Sann a-mhàin pàrlamaid na stàite, ris an canar The State Assembly, a b’ urrainn ath-sgrùdadh bun-reachdail a chur air beulaibh an t-sluagh, agus feumar a bhith mòr-chuid de 2/3 san Assembly air a shon. Ma tha an sluagh ag iarraidh atharrachadh beag a dhèanamh, ‘s urrainn dhaibh ath-chuinge a dhèanamh airson atharrachadh a chur air a’ bhallot, agus tha mòr-chuid simplidh, 51%, gu leòr airson buaidh. Tha na luchd-dùbhlain, a tha nan gearanaichean a’ chùis, ag iarraidh gum breith an Àrd-chùirt gur e ath-sgrùdadh mòr a th’ ann am Proposition 8, agus gun robh na modhan gun a bhith riaghailteach. Ma dh’aontaicheas na breitheamhan, bhiodh Proposition 8 a’ dol à bith.

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.