Tha bhidio ùr air nochdadh an aghaidh Proposition 8

Chaidh bhidio ùr a chur air an làrach-lìn FunnyOrDie.com, a tha a’ togail fianais an aghaidh Proposition 8.

B’ e cruthachadh Marc Shaiman a bh’ ann, a sgrìobh ceòl film ‘South Park: Bigger, Longer & Uncut’ agus dhealbh-chluich cheòlmhor ‘Hairspray’.

Chaidh Proposition 8 aontachadh le luchd-bhòtaidh ann an California 4mh An t-Samhain. Chuir i pòsadh aon-sheòrsach fon choill, ach tha ceist toinnte dè thachras ris na càraidean a chaidh a phòsadh mar-thà. Thuirt an co-dhùnadh seo gun robh còir a phòsadh aig daoine co-sheòrsach fo bhun-reachd na stàite.

Tha daoine ainmeil a’ cluich anns a’ bhidio: Neil Patrick Harris, John C. Reilly, Margaret Cho agus Jack Black, a tha a’ cluich Ìosa. Aig an deireadh, tha Harris ag ràdh ris na daoine air gach taobh an deasbaid gum biodh pòsadh (agus sgaradh-pòsaidh) aon-sheòrsach na b’ fheàrr dhan eaconomaidh Ameireaganach — an deidh do Ìosa a dhìobradh a dhearbhadh dha na daoine chràbhaich ri argamaid an spioraid.