A' toirt thugaibh na naidheachdan LGDT+ as ùire

Mormonaich mì-shoilleir a-thaobh pòsadh aon-sheòrsach

2008-10-04

1 mion.

Tha an Eaglais Mhormonach air bileag fhoillseachadh mu phòsadh aon-sheòrsach.

Tha am bileag, The Divine Institution of Marriage, a’ tighinn as dèidh dhan Eaglais aithris fhoillseachadh anns an tug iad taic ri Proposition 8, a bhios a’ cur casg air pòsadh aon-sheòrsach ann an California.

Ach ged a tha na Mormonaich a’ bruidhinn a-mach an-aghaidh pòsadh aon-sheòrsach anns a’ bhileag seo, tha iad ag ràdh nach eil iad an aghaidh còirichean eile do dhaoine LCDT:

“Chan eil an eaglais an aghaidh còirichean (a tha stèidhichte ann an California mar thà) a leithid cùram slàinte, taigheadas, obair agus oighreachd.”

Tha Affirmation, buidhean de Mhormonaich LCDT, air am bileag a chàineadh agus a mholadh aig an aon àm.

Thuirt David Melson, neach-labhairt Affirmation:

“Is e seo an aithris as daingniche a thaobh còirichean daonna agus sìobhalta bhon eaglais bho chaidh God Loveth His Children a chur a-mach a dh’aithnich nach e tinneas no peacadh a th’ ann an co-sheòrsachd.”

“Tha sinn a’ moladh misneachd nan ceannardan a thagh an aithris seo a dhèanamh an agaidh na tha an eaglais air a ràdh agus a dhèanamh roimhe agus tha sinn a’ faicinn seo mar cheum deimhinneach.”

“Bhitheamaid nas toilichte mura robh am bileag air fhoillseachadh aig àm nuair nach robh an Eaglais a’ feuchainn ri còirichean catharra daoine LCDT a thoirt air falbh agus teaghlaichean briseadh bho chèile.”

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.