A' toirt thugaibh na naidheachdan LGDT+ as ùire

Luchd-saidheans air laigse aig HIV lorg

2008-07-25

1 mion.

Tha luchd-rannsachaidh ag obair aig Sgoil Slàinte Oilthigh Texas ag ràdh gu bheil iad air laigse aig HIV (Bhioras Dìon-slàinte Daonna) a lorg.

Tha an laigse seo na pàirt de phròtain a tha riatanach do HIV airson grèim fhaighinn air ceallan.

Gu ruige seo chan eil banachdach HIV ann air sgàth ’s gu bheil am bhìoras an còmhnaidh ag atharrachadh.

Ach tha luchd-saidheans ag ràdh nach biodh HIV comasach air grèim fhaighinn air ceallan mura robh co-dhiù aon roinn ann nach robh ag atharrachadh.

Tha sgioba air a bhith a’ dèanamh fòcas air sreath de shearbhagan amino a tha nan pàirtean dhen chèis pròtain gp120.

Tha iad cuideachd air antibodies a chruthachadh air ainmeachadh Abzymes a tha comasach air ionnsaigh a thoirt air a h-uile seòrsa de HIV le bhith a’ toirt ionnsaigh air na roinnean nach eil ag atharrachadh.

Chaidh an rannsachadh fhoillseachadh ann an Autoimmunity Reviews agus thèid ga thaisbeanadh aig Co-labhairt Eadar-nàiseanta AIDS ann am Baile Meagsago san Lùnastal.

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.