A' toirt thugaibh na naidheachdan LGDT+ as ùire

An Roinn Eòrpa a’ ceasnachadh an Rìoghachd Aonaichte mu dheidhinn còirichean LCDT ann an Diobraltar

Tha Riaghaltas na Bhreatainn air innse do Chomhairle na h-Eòrpa gu bheil iad a’ coimhead air còirichean LCDT leasachadh ann an Diobraltar.

Tha fhathast aois aontachaidh neo-ionann aig a’ cholonaidh Bhreatannach agus tha seo a’ dol an-aghaidh Cùmhnant Eòrpach nan Còraichean Daonna.

A bharrachd air seo tha laghanan ann fhathast an-aghaidh buggery agus gross-indecency ach tha iad air an cleachdadh an-aghaidh daoine co-sheòrsach a-mhàin.

Tha BPE (Ball Pàrlamaid na h-Eòrpa) Michael Cashman air a bhith a’ bruidhinn ri Gordon Brown mu dheidhinn a’ chuspair connspaideach agus tha an Comhairle Eòrpach air an aithris seo a chur a-mach:

“Tha an Rìoghachd Aonaichte air daingneachadh an dealas aice airson cuspairean leasbach, co-sheòrsach, dà-sheòrsach agus tar-ghnèitheach agus air comharrachadh gu bheil Riaghaltas Dhiobraltaire eòlach air dè cho cudromach ’s a tha an cùmhnant, gu h-àraidh a thaobh leth-bhreith.”

“Tha Comadaidh nam Ministearan toilichte gu bheil an Rìoghachd Aonaichte a’ coimhead air a’ chuspair seo agus gu bheil fios aice gu bheil Diobraltar air cùram an Rìoghachd Aonaichte agus gu bheil seo a’ ciallachadh gu bheil i an urra ri Diobraltar a’ gabhail ris a’ chùmhnant.”

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.