NHS anns a’ Chuimrigh airson seirbheisean co-ionann a thoirt ris a’ choimhearsnachd LCDTE

Tha Edwina Hart, Ministear Slàinte na Cuimrigh air stiùireadh ùr a thoirt ris an NHS anns an dùthaich.

Thuirt i gun deach an stiùireadh a chur ri chèile le Cynulliad Cenedleathol Cymru (Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh) ann an co-obrachadh le Stonewall Cymru air sgàth ’s gun robh ceisteachan aig Stonewall a’ sealltainn gu bheil daoine LCDTE anns a’ Chuimrigh an còmhnaidh an dùil ri leth-bhreith nuair a tha iad a’ cleachdadh na seirbheisean slàinte.

Tha an stiùireadh ùr seo ag amas air fiosrachadh a thoirt ri luchd-obrach mu dheidhinn cùisean LCDTE, air dèanamh cinnteach gu bheil daoine LCDTE comasach air an aon sheirbheis fhaighinn ’s a tha daoine eile agus air dèanamh cinnteach gu bheil na seirbheisean slàinte a’ smaointinn air a h-uile duine nuair a tha iad a’ beachdachadh air seirbheis ùr a thoirt seachad.

Thuirt Edwina Hart, Ministear na Slàinte:

“Tha mi toilichte gu bheil an NHS anns a’ Chuimrigh a’ strì airson a h-uile duine a thoirt a-steach agus bu toigh leam luchd-obrach a bhrosnachadh an stiùireadh ùr a leughadh.”

Thuirt Jenny Porter, Oifigear-ceangail Stonewall Cymru:

“Tha sinn a’ cur fàilte chridheil air an stiùireadh ùr seo.”

“Tha fios againn nach eil tòrr daoine LCD deònach air innse ri doctairean neo nursaichean mun gnèitheachd aca air sgàth ’s leth-bhreith agus tha seo a’ ciallachadh gu bheil cuid a’ faighinn comhairle slàinte mì-fhreagarrach.”

“Bidh an stiùireadh seo a’ ciallachadh gum bi luchd-obrach an NHS nas eòlaiche air cùisean nan euslaintich LCD agus a’ toirt fios gu bheil còir aig a h-uile euslainteach air cùram fhaighinn a tha freagarrach dhaibh.”

Fàg beachd air