Ceannard an Eaglais Anglican a’ cur taic ri casg air càraidean co-sheòrsach aig a’ Phrom

Tha ceannard an Eaglais Anglach ann an Astràilia air taic a thoirt ri casg air càraidean co-sheòrsach aig a’ Phrom.

Tha cuid dhe na h-oileanaich anns an dàrna bhliadhna dheug anns an Anglican Grammar School ann am Brisbane airson na carabhaidhean aca a thoirt dhan a’ Phrom.

Thuirt ceannard an sgoil gum biodh e deònach bruidhinn air a’ chuspair ach gu tradaiseanta tha poileasaidh an sgoil ag ràdh gur e tachartas airson balaich agus nigheanan a bhith eadar-obrachadh a th’ ann.

Tha an t-Urr. Philip Aspinall na cheann-suidhe comhairle an sgoil agus na Àrd-easbaig ann am Brisbane. Thuirt e:

“Chan eil mi an aghaidh balaich a’ dol dhan a’ Phrom le càirdean fireannach neo nigheanan a’ dol le càirdean boireannach.”

“A dh’aindeoin seo tha mi a’ tuigsinn gu bheil an sgoil airson eadar-obrachadh bhrosnachadh eadar balaich agus nigheanan.”

“Chan eil mi an aghaidh seo agus tha mi a’ smaointinn gur e dòigh reusanta agus dligheadh a th’ ann.”

Thuirt ceannard an sgoil Jonathan Hensman gu bheil e airson a’ chuspair seo a thogail le comhairle an sgoil agus e airson riochdairean bho na h-oileanaich a thighinn air adhart.

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Twitter, Instagram no Facebook.