A' toirt thugaibh na naidheachdan LGDT+ as ùire

Màthraichean leasbach a’ sabaid airson còirichean laghail ann an Iosrael

2008-04-09

1 mion.

Tha màthraichean leasbach ann an Iosrael a’ sabaid gus am bi iad air ainmeachadh air teisteanas breith an leanabh aca.

‘S e seo a’ chiad cùis-lagha mar seo ann an Iosrael air sgàth ’s gu bheil pàirt beòthail agus bith-eòlach aig gach tè. Air sgàth ’s trioblaidean meadaigeach aig an tè trom, bha feum aca am foetus a’ gluasad dhan tè eile.

Tha seo a’ ciallachadh gum tèid an dàrna tè ainmeachadh mar màthair oifigeil a-rèir laghan Iosralach agus chan eil còirichean aig a’ chiad tè ged a tha i na màthair bith-eòlasach a-rèir gineachan.

Tha na cùirtean ag ràdh ma tha a’ chiad tè airson còirichean laghail feumaidh i an leanabh uchd-mhacachadh.

Tha an càraid a-nis an dùil ris a’ cho-dhùnadh seo atharrachadh.

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.