A' toirt thugaibh na naidheachdan LGDT+ as ùire

Làrach-lìn air a chàineadh airson faighneachd dhan luchd-cleachdaidh mun gnèitheachd aca

2008-04-09

1 mion.

Chaidh bacadh a chur air làrach-lìn, a tha a’ toirt seachad seirbheis gus companaich flat a lorg, le cùirt anns na Stàitean Aonaichte air sgàth ’s gun robh an làrach-lìn a’ cur ceistean air na buill mu dheidhinn an gnèitheachd aca.

Chaidh Roommates.com a chàineadh le Comhairle an Taigheadas Cothromach (Fair Housing Council) ann an Gleann San Fernando agus ann an San Francisco air sgàth ’s gun robh e riantanach airson buill a bhith ag ràdh nan robh iad co-sheòrsach.

“Cha robh Roommates.com dìreach a’ faighneachd do bhuill an gnèitheachd aca ach bha na seirbheisean a bha iad a’ tabhann an crochadh air freagairtean nam buill,” arsa Breitheamh Alex Kozinski.

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.