A' toirt thugaibh na naidheachdan LGDT+ as ùire

Barailean ri gràin-co-sheòrsachd a’ tathaich air gu BP Canadanach

2008-04-09

1 mion.

Tha ball pàrlamaid ann an Canada air leisgeul a dhèanamh as dèidh bhidio fhoillseachadh anns a thuirt e gun robh daoine co-sheòrsach “galarach”.

Thuirt Tom Lukiwski, 56, na BhP airson na Tòraidhean ann an Saskatchewan, gun robh e “uabhasach duilich airson na faclan a thuirt mi 17 bliadhna air ais.”

Chaidh ga thaghadh ann an 2004 air sgàth ’s gun deach bacadh a chur air an neach a bh’ ann roimhe air sgàth ’s barailean aige a bha ri gràin-co-sheòrsachd.

Tha cuid ann an Canada a-nis ag ràdh gum bu chòir an aon rud a’ tachairt ri Mgr Lukiwski.

Lorg neach-obrach am pàrtaidh dùbhlanach am bhidio fhad ’s a bha iad a’ sgioblachadh na h-oifisean aca.

Anns a’ bhidio thuirt Mgr Lukiwski:

“Tha A’an ann agus tha B’an ann. Tha na A’an coltach rium. Tha na B’an co-sheòrsach le ìnean salach a tha a’ sgaoileadh galaran.”

Ann an òraid ri Taigh nan Cumantan, thuirt Mgr Lukiwski:

“Ged a thuirt mi seo 17 bliadhna air ais, chan e leisgeul a th’ ann an seo.”

“Tha mi airson leisgeul a dhèanamh ris na càirdean agus na co-obraichean agam a tha co-sheòrsach neo leasbach. Chan eil fhios ’am ciamar a bhios iad a’ smaointinn orm a-nis.”

“Tha fios ’am gu bheil gràin mòr aig a’ choimhearsnachd LCDT orm an-dràsta. Tha mi a’ tuigsinn seo agus le cinnt tha seo reusanta.”

“Chan urrainn dhomh dad ràdh ach tha mi an dòchas gun gabhaidh sibh mo leisgeul san àm ri teachd.”

“Tha an t-aithreachas orm gun tuirt mi sin.”

Tha am pàrtaidh aige a-nis a’ beachdachadh air na bhios iad a’ dèanamh.

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.