Maighstir lagha air a rannsachadh as dèidh ceangal a dhèanamh eadar daoine co-sheòrsach agus paedophiles

Chaidh rannsachadh a thòiseachadh air sgàth ’s gun do rinn maighstir lagha ceangal eadar daoine co-sheòrsach agus paedophiles air prògram aithriseach anns a’ Chuimrigh.

Bha Mgr Byron Butler a’ bruidhinn air am prògram aithriseach Week In Week Out air BBC Wales nuair a thuirt e:

“Tha mi a’ smaointinn gu bheil a’ mhòr-chuid dhen a’ phoblach a’ smaointinn gum bi iad a’ gabhail gnothach ri daoine òga ’s mar sin air adhart agus tha seo air a bhith fìor ann an eachdraidh.”

Thuirt Ian ‘H’ Watkins, neach-taisbeanaidh a’ phrògram, a tha co-sheòrsach:

“Chuir na barailean aige mòr-iongnadh orm gu h-àraidh nuair a dh’ionnsaich mi gur e maighstir lagha a th’ ann.”

“Chan urrainn dhomh creidsinn gu bheil e comasach air co-dhùnaidhean cothromach gun leth-bhreith a dhèanamh nuair a tha e dhen bheachd gur e daoine co-sheòrsach nan paedophiles.”

Fàg beachd air