A' toirt thugaibh na naidheachdan LGDT+ as ùire

Coimhearsnachd LCDTE an dùil ri leth-bhreith anns a h-uile àite

2008-04-06

1 mion.

Chaidh sgrùdadh ùr fhoillseachadh le Stonewall a tha a’ sealltainn gu bheil an coimhearsnachd LCDTE an còmhnaidh an dùil ri leth-bhreith anns a h-uile àite.

Bha còrr ’s 1,600 daoine LCDTE a’ gabhail pàirt anns a’ chiad sgrùdadh LCDTE air an làrach-lìn YouGov eadar 6mh-10mh An Dùbhlachd 2007.

Air ainmeachadh Serves You Right bha an sgrùdadh a’ toirt a-steach cuspairean a leithid obair, poilitigs, taigheadas, slàinte, foghlam, am poileas, an t-siostam ceartais agus craoladh.

Thuirt aonar anns gach còignear gun dh’fhulaing iad burraidheachd anns an t-ionad-obrach air sgàth ’s an gnèitheachd aca. Thuirt 65% gun robh iad ga fhulaing anns an sgoil agus thuirt 82% nach robh iad comasach air tighinn a-mach anns an sgoil.

Bha 89% dhen bheachd gun tèid bacadh a chur orra nan robh iad airson a ghabhail anns na Tòraidhean, 61% airson na Làbaraich agus 47% airson na Libearalaich. Thuirt 99% seo mu dheidhinn a’ BhNP agus thuirt 82% gun robh iad dhen bheachd gun tèid bacadh a chur orra nan robh iad airson a ghabhail anns an SNP.

Bha aonar anns gach còignear a’ smaointinn gum biodh e nas doirbhe dhaibh taigh fhaighinn gu h-àraidh airson leasbaich.

Thuirt neach-labhairt airson Stonewall, Ben Summerskill, gu bheil an sgrùdadh seo a’ cur nar cuimhne gu bheil a’ choimhearsnachd LCDTE fhathast an dùil ri leth-bhreith anns an t-aonamh linn air fhichead.

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.