A' toirt thugaibh na naidheachdan LGDT+ as ùire

Cruinneachadh gus taic a thoirt ri neach-poileataigs a tha dhen bheachd gu bheil a’ choimhearsnachd LCDTE nas miosa na ceannaircich

2008-04-05

1 mion.

Chruinnich còrr ’s mìle daoine ann an Oklahoma Diciadain gus taic a thoirt ri Riochdaire Sally Kern.

Chaidh Riochdaire Kern a chàineadh seachdainn seo chaidh air sgàth ’s òraid a rinn i nuair a thuirt i gu bheil a’ choimhearsnachd LCDTE na bhagairt nas motha ris na Stàitean Aonaichte na tha ceannaircich.

Fhuair an cruinneachadh urrasachd bhon a’ bhuidheann Concerned Women for America agus bho luchd-eaglaise. Bha bratach mòr aca anns a’ bhaile ag ràdh “We Support Sally Kern.

A’ bruidhinn ris a’ chruinneachadh thuirt Riochdaire Kern nach biodh i ag ràdh gu bheil i duillich.

“Chan ann mum dheidhinn a tha a’ chuspair seo,” ars i. “‘S ann mu dheidhinn an eaglais a tha e agus na còirichean againn a bhith a’ bruidhinn airson Crìosd a bhàsaich air an son.”

Thuirt Chuck Wolfe, neach-labhairt an Gay & Lesbian Victory Fund:

“Tha Sally Kern agus na càirdean aice a’ toirt taic ri iomairtean a tha airson an saoghal aice fhèin a bhrosnachadh, saoghal far am feum daoine LCDT cumail a-mach gu bheil iad eile-sheòrsach neo dol à shealladh.”

“Ma tha sibh co-sheòrsach, neo ma tha thu eòlach air daoine LCDT bidh fios agad dè cho cunnartach agus neo-ghlic ’s a tha seo.”

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.