Buidheann co-ionannachd gu bhith a’ dèanamh prìomhachas air cùisean-lagh a-thaobh gnèitheachd

Chaidh sgeama stèidheachadh le Coimisean nan Còirichean Daonna agus Co-ionannachd (EHRC) a bhios a’ dèanamh prìomhachas air cùisean-lagha a-thaobh gnèitheachd.

Mar buidheann poblach, tha dleastanas aig an EHRC a bhith a’ freagairt cùisean gnè, cinnidh agus ciorraim. Thèid an sgeama seo a leasachadh eadar 2008 agus 2009 a bhith a’ toirt a-steach cùisean aois, gnèitheachd, creideamh agus còirichean daonna.

Tha dleastanas aig a h-uile buidheann poblach air sgeama co-ionannachd a dhèanamh ach tha am buidheann Stonewall ag ràdh gum bu chòir do dleastanas a bhith aca air co-ionannachd LCDT a bhrosnachadh cuideachd.