Taic airson pòsaidhean aon-sheòrsach a’ fàs nas làidire ann an Èirinn

Fhad ’s a tha gnìomhaichean LCDTE ann an Èirinn a’ feitheamh ri chluinntinn molaidhean an Riaghaltas airson càraidean aon-sheòrsach aithneachadh gu h-oifigeil, tha cunntas-bheachd ùr a’ sealltainn gu bheil a’ mhòr-chuid ann an Èirinn air a shon.

Chaidh an cunntas-bheachd fhoillseachadh leis a’ bhuidhinn co-ionannachd MarraigEquality agus tha na toraidhean a’ sealltainn gu bheil 84% airson pòsaidhean aon-sheòrsach neo companasan-catharra.

Ach tha an Riaghaltas air pòsaidhean aon-sheòrsach a dhiùltadh mar thà air sgàth ’s gum biodh feum aca air a’ bhun-reachd atharrachadh.

Thathar an dùil gum bi Brian Lenihan, Ministear na Ceartais a’ foillseachadh molaidhean a thaobh companasan-catharra a dh’aithghearr.

Thathar a’ tuigsinn gum bi Èirinn ag aithneachadh pòsaidhean LGBT, aonaidhean-catharra agus companasan-catharra nan dùthchannan cèin.