A' toirt thugaibh na naidheachdan LGDT+ as ùire

Duine pòsta air òrdachadh ri airgead-sgaraidh a phàigheadh ri seann chompanach co-sheòrsach

2008-03-28

1 mion.

Tha cùirt ann am Braisil air ràdh gum feum duine airgead-sgaraidh a phàigheadh ri seann chompanach co-sheòrsach aige.

Tha luach còrr ’s $450m (£225m) aig an Ameireaganach, a tha an duine a-nis a’ fuireach leis a bhean anns na Stàitean Aonaichte, agus a-rèir an cùirt feumaidh e còrr ’s $120m (£60m) a phàigheadh ris a’ Bhraisileach.

Tha companasan-catharra air a bhith laghail ann an Rio Grande do Sul o chionn 2004, agus thuirt an cùirt air sgàth ’s gun robh an càraid còmhla fad ceithir bliadhna, tha iad dhen bheachd gur e càirdeas seasmhach a bh’ ann.

Thathar an dòchas gum bi an co-dhùnadh seo mar eisimpleir ri cùirtean eile air feadh an t-saoghal air sgàth ’s gum bi seo a’ chiad turas a bhios maoin a’ sgaoileadh eadar càraid co-sheòrsach nach robh a’ fuireach ri chèile tuilleadh.

Tha an Ameireaganach ag agairt an aghaidh a’ cho-dhùnadh ag ràdh gur e càirdeas gnothaich a bh’ ann.

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.