Droch-làimhseachadh de dhaoine a’ sireadh tèarmann na ghaoid air cliù an Rìoghachd Aonaichte

Tha coimisean a chaidh a stèidheachadh gus poileasaidhean tèarmann anns an Rìoghachd Aonaichte sgrùdadh ag ràdh nach eil na poileasaidhean cho àrd ’s a bu chòir dhaibh a bhith airson dùthaich “sìobhaltach”.

Ach tha Buidheann nan Crìochan & In-imrich (Border & Immigration Agency) ag ràdh gu bheil iad a’ làimhseachadh daoine a’ sireadh tèarmann le “cùram agus truas”.

Tha an àireamh de dhaoine a’ sireadh tèarmann anns an Rìoghachd Aonaichte air a bhith a’ tuiteam anns na bliadhnaichean mu dheireadh agus cha robh ach 23, 000 ga sireadh an-uiridh.

Thuirt an coimisean gu bheil an siostam tèarmann aig an Rìoghachd Aonaichte a’ fàs nas fheàrr ach nach eil e freagarrach fhathast air sgàth ’s nach eil e a’ toirt taic ris na daoine ann an èis gu h-àraidh clann, boireannaich, daoine le trioblaidean slàinte agus daoine a chaidh a chur an cràdh.

A bharrachd air seo tha strì nan daoine co-sheòrsach a’ sireadh tèarmann air a bhith a’ togail aire an dèidh dhan Riaghaltas tagradh Medhi Kazemi a dhiùltadh. Bha Mgr Kazemi a’ feuchainn ri tèarmann fhaighinn air sgàth ’s gun robh a bheatha ann an cunnart ann an Ioràn far a bheil co-sheòrsachd mì-laghail.

Tha buidhnean còirichean daonna ag ràdh gu bheil còrr ’s 4,000 daoine co-sheòrsach air a bhith a’ cur gu bàs o chionn 1979 air sgàth ’s an taobhadh a-thaobh fèise a bh’ aca.

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Twitter, Instagram no Facebook.