A' toirt thugaibh na naidheachdan LGDT+ as ùire

Bàrd connspaideach a’ fuireach air curraicealam na h-Èirinn

2008-03-28

1 mion.

Tha an An Chomhairle Náisiúnta Curaclaim agus Measúnachta (An Comhairle Nàiseanta Curraicealaim agus Measaidh) ann an Èirinn ag ràdh gum bi obraichean Cathal Ó Searcaigh a’ fuireach air curraicealam na h-Èirinn ged a tha am bàrd fo amharas gun do ghabh e brath air balaich ann an Neapàl.

Thuirt Mary Hanafin, Ministear an Fhoghlaim:

“Tha a’ chomhairle dhen bheachd gum bu chòir dhan co-dhùnadh tùsail aca air luach an obair Cathal Ó Searcaigh fulang.”

Tha Mgr Ó Searcaigh air a bhith fo amharas o chionn taisbeanadh dhen film aithriseach Fairytale of Kathmandu, a tha a’ sealltainn an obair saor-thoileach a tha Ó Searcaigh a’ dèanamh ann an Neapàl.

Sgrìobh am bàrd litir mìos seo chaidh a’ càineadh na casaidean. Sgrìobh e:

“Ma tha mo dòigh-bheatha co-sheòrsach no na càirdeis agam oilbheumach ri dhaoine eile, tha mi duilich.”

“Ach tha e neo-fhìrinneach agus mì-chàilear a bhith ag ràdh gun robh mi a’ gabhail brath air na balaich seo.”

“Tha na càirdeis agam ann an Neapàl air a bhith gràdhach, fosgailte agus follaiseach.”

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.