Duine trom air bruidhinn a-mach an aghaidh Seirbheis Slàinte claon-breitheach

Tha duine tar-ghnèitheach à Portland, Oregon air ràdh anns a’ cholbh aige anns an iris co-sheòrsach The Advocate gu bheil e trom.

A bharrachd air seo tha Thomas Beatie ag ràdh gu bheil doctairean agus ionadan slàinte air a bhith a’ dèanamh lethbhreith na aghaidh air sgàth ’s an leatrom.

Tha Beatie clàraichte gu laghail mar fireannach agus tha e pòsta ri Nancy Beatie. Tha an càraid air a bhith ag iarraidh clann o chionn fhada a-nis ach chan eil Nancy comasach air leanabh a bhreith air sgàth ’s trioblaidean slàinte agus ’s mar sin thàinig Beatie gu co-dhùnadh nach biodh e a’ toirt às na buill-ghineamhainn boireannach aige agus gun stadadh e a’ toirt ann-steallaidhean Testosterone gus am b’ urrainn dha fàs trom.

Tha an càraid ag ràdh gun robh na doctairean a’ gàireachdainn aca, gun tuirt iad nach robh an càraid freagarrach do clann a thogail agus nach biodh iad deònach cuideachadh a thoirt dhaibh ged a chosg an càraid mìltean mar thà airson leigheas sìolachaidh.

An dèidh seo cheannach an càraid sìol-ghinidh gun ainm tabhairtich agus dh’fhàs Beatie trom le triùir san aon breith ach chiall e na triùir air sgàth ’s trioblaidean slàinte ach dh’fhàs Beatie trom a-rithist le nighean agus tha iad ga dùil san t-Iuchar.

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Twitter, Instagram no Facebook.