Nirribhidh a’ dèanamh pòsaidhean aon-sheòrsach laghail

Chaidh reachdas ùr a chur ri chèile ann an Nirribhidh a bhios a’ toirt cead pòsaidh do càraidean aon-sheòrsach a bharrachd air còirichean co-ionann a-thaobh cùram air clann.

Bha companasan-catharra ceadaichte ann an Nirribhidh mar-thà ach bha buidhnean gnìomhaiche airson còirichean co-sheòrsach a’ càineadh nach robh seo gu leòr.

Thuirt an Norwegian National Association for Lesbian and Gay Liberation gu bheil reachdas an latha a’ dèanamh sgaradh eadar daoine co-sheòrsach agus daoine eile-sheòrsach (heterosexual).

Chaidh lagh coltach ri seo a dhiùltadh leis an Stortinget (Pàrlamaid) ann an 2004.

Ma tèid an reachdas aontachadh bidh e a’ toirt còirichean co-ionannachd ris a h-uile duine a thaobh cùram air clann agus pòsadh a dh’aindeoin gnèitheachd.

Thuirt Anniken Huitfeldt BP (Ball Pàrlamaid) gu bheil an reachdas seo “na cheum eachdraidheil airson co-ionannachd.”

“Cha tèid pòsadh mar institiuid lagachadh leis an lagh seo.”

“Ach thèid ga neartachadh air sgàth ’s gum bi barrachd daoine airson pàirt a ghabhail ann.”

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Twitter, Instagram no Facebook.