Buidheann Irish Queers a’ togail fianais an aghaidh caismeachd Naomh Pàdraig

Bha am buidheann Irish Queers a’ togail fianais an aghaidh caismeachd Naomh Pàdraig ann an Nuadh Eabhrac an-diugh.

Bha am buidheann a’ gearan nach eil iad ceadaichte ri pàirt a ghabhail anns a’ chaismeachd air sgàth ’s gur e tachartas diadhaidh a th’ ann.

Thuirt Tierney Gleason, neach-labhairt nan Irish Queers:

“Tha sinn seachd searbh sgìth dhe dh’ùghdarrasan a’ bhaile ag ràdh nach urrainn dhuinn eadar-ghuidhe a dhèanamh air sgàth ’s gur e caismeachd diadhaidh a th’ ann.”

Fàg beachd air