A' toirt thugaibh na naidheachdan LGDT+ as ùire

Easbaig a’ càineadh a’ choimhearsnachd LCDTE

Tha Easbaig Caitligeach a’ tagradh gu bheil daoine co-sheòrsach a’ dèanamh co-fheall an aghaidh dualchas Crìosdaidheachd.

Ann an òraid aig Oilthigh Ghlaschu thuirt Easbaig Joseph Devine gun do ghabh a’ choimhearsnachd LCDTE ris na mion-bhuidhnean, a leithid daoine a thàrr às an Holocaust, airson co-fhaireachdainn a chruthachadh.

Chaidh an òraid a chàineadh le buidhnean LCDTE agus buidhnean airson daoine a thàrr às an Holocaust.

Thuirt Devine gur e co-fheall ana-mhòr agus eagraichte a th’ ann, nach d’thug a’ choimhearsnachd Caitligeach àire air.

Thuirt Calum Irving, àrd-oifigear Stonewall Scotland, buidheann a tha a’ brosnachadh co-ionannachd agus ceartas airson daoine LCDTE, gu bheil na barailean aig Devine mealltach agus tàmailteach.

Thuirt e: “Is e aon rud a bhith a’ toirt ionnsaigh air, mar gum biodh, an gay lobby ach ’s e rud eile a th’ ann a bhios ag ràdh nach eil àite ann airson daoine co-sheòrsach a-measg nan daoine a thàrr às an Holocaust.”

“Gu fortanach, tha a’ mhòr-chuid ann an Alba agus tòrr Crìosdaidhean airson co-ionannachd, urram agus spèis a bhrosnachadh agus tha iad an aghaidh an sealladh dorch sgaiteachail a tha aig Devine.”

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.