A' toirt thugaibh na naidheachdan LGDT+ as ùire

Carthannas ag iarraidh banachdaich HPV airson balaich

2008-03-14

1 mion.

Tha an carthannas fiaclach as motha anns an Rìoghachd Aonaichte airson balaich a thoirt a-steach dhan phrògram a bhios a’ toirt a-mach banachdaich an-aghaidh an tinneas feise HPV (Human papillomavirus) gus bacadh a chur air aillse beòil.

Tha a’ BhDHF (British Dental Health Foundation) ag ràdh gu bheil iad airson a’ phrògram seo mheudachadh air sgàth ’s aithisg a thàinig a-mach às na Stàitean Aonaichte a’ sealltainn gu bheil 46,000 cùisean ùra air nochdadh.

A-rèir na figearan tha an àireamh de cùisean marbhtach air àrdachadh le trian anns na trithead bliadhna mu dheireadh agus tha iad a-nis aig an ìre as àirde ’s a bha iad riamh.

Tha Bòrd na Slàinte air aontachadh mar thà ri banachdaich a thoirt a-mach gu nigheannan eadar 12-13 bliadhna a dh’aois a’ tòiseachadh san t-Sultain ‘08 gus bacadh a chur air aillse cervical a tha air adhbharachadh le HPV.

Thuirt Dr Nigel Carter, àrd-oifigear an stèidheachd:

“Tha e ionmholta gu bheil an Riaghaltas a’ dèanamh ceumannan cho math airson an àireamh de chùisean aillse cervical ìsleachadh ach air sgàth ’s gu bheil aillse beòil air adhbharachadh le HPV a’ marbhadh barrachd daoine ’s a tha aillse cervical agus aillse testicular le chèile, tha e soilleir gu bheil an tinneas seo feumach air freagairt.”

“Le bhith a’ leasachadh a’ phrògram HPV gus balaich a thoirt a-steach, bhiodh an Riaghaltas comasach air an àireamh de chùisean marbhtach ìsleachadh ann an dòigh sìmplidh, ceart agus èifeachdach.”

“Air sgàth ’s gu bheil òigridh san latha an-diugh a’ fàs nas eòlaiche a-thaobh feise, cha bhi an trioblaid seo a’ dol air falbh.”

Thèid duine a mharbhadh a h-uile còig uairean air sgàth ’s aillse beòil agus tha e nas cumanta a-measg fireannaich na tha a-measg boireannaich.

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.