Càraid leasbach làn-thoilichte le ceathrar san aon bhreith

Tha càraid leasbach a tha ag obair airson Roinn Poileas Irvine ann an Siorrachd Orains, California làn-thoilichte le ceathrar san aon bhreith, dithis bhalach agus dithis nighean.

Dh’fhàs Cristine Gaiennie, 39, agus Patsy Lovell, 45, trom an dèidh seachd oidhirpean mì-soirbheachail. Tha balach aca mar thà leis an aon tabhartaiche-shìl.

Rugadh Braydan James air an 3mh den Mhàrt, air a leantainn le Avery Renee, Landan Paul agus mu dheireadh Addison Jo agus bidh iad a’ fuireach san ospadal fhad ’s a tha iad a’ fàs nas làidire.

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Twitter, Instagram no Facebook.