A' toirt thugaibh na naidheachdan LCDTQ+ as ùire le fòcas àraidh air naidheachdan Albannach

Talla-spors Dhùn Èideann a’ tabhann chlasaichean fallaineachd an-asgaidh do dhaoine tar-gnèitheach agus neo-bhìnearaidh

11 Am Faoilleach 2019 le

Tha an talla-spòrs neo-phrothaideach Projekt 42 ann an Lìte air ainmeachadh gum bi iad a’ tabhann chlasaichean fallaineachd seachdaineil an-asgaidh do dhaoine tar-ghnèitheach agus neo-bhìnearaidh.

Roinn-sèorsa: Alba, Slàinte


Geamaichean-bhidio LCDTQ air an taisbeanadh ann an taigh-tasgaidh Bherlin

7 Am Faoilleach 2019 le

Tha Taigh-tasgaidh Schwules ann am Berlin air taisbeanadh ùr fhosgladh gus geamaichean-bhidio LCDTQ a chomharrachadh.

Roinn-sèorsa: An Roinn-eòrpa, Cùltar, Teicneòlas


Eòlaiche Sgaoileadh-ghalaran air iarraidh air Riaghaltas Innis Tìle crìoch a chur air a’ chasg a tha toirmeasg daoine gèidh bho bhith a’ toirt seachad fala

6 Am Faoilleach 2019 le

Tha Þórólfur Guðnason, aon dhe na prìomh eòlaichean sgaoileadh-ghalaran ann an Innis Tìle, air iarraidh air an riaghaltas crìoch a chur air a’ chasg iomlan a th’ air fireannaich co-sheòrsach agus dà-sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala.

Roinn-sèorsa: An Roinn-eòrpa, An t-Saoghal, Slàinte


Postairean Stonewall

5 Am Faoilleach 2019 le

Postairean Gàidhlig ann an stoidhle an iomairt “Get Over It” le Stonewall.

Roinn-sèorsa: Blog, Gàidhlig


Riaghaltas Bhreatainn air a chàineadh airson droch-làimhseachadh a dhèanamh air còirichean tar-ghnèitheach

4 Am Faoilleach 2019 le

Tha Maria Miller, cathraiche Comataidh nam Ban agus Co-ionannachd, air an riaghaltas a chàineadh airson droch-làimhseachadh a dhèanamh air còirichean tar-ghnèitheach.

Roinn-sèorsa: An Rìoghachd Aonaichte, Lagh, Poilitigs


Dìreach dà chàraid aon-sheòrsach air leanabh uchd-mhacachadh ann an Èirinn a Tuath o chionn 2013

4 Am Faoilleach 2019 le

Chaidh a nochdadh gur ann aig Èirinn a Tuath a tha an an ìre uchd-mhacaichidh as ìsle a-measg càraidean aon-sheòrsach anns an Rìoghachd Aonaichte le dìreach 1 anns gach 15 iarrtasan soirbheachadh, an taca ri 1 anns gach 2 ann an àiteachan eile san Rìoghachd Aonaichte.

Roinn-sèorsa: An Rìoghachd Aonaichte


Ben Hunte air a chur an dreuchd mar a’ chiad neach-naidheachd LCDT a’ BhBC

16 An Dùbhlachd 2018 le

Tha BBC News air an neach-naidheachd BBC Afraga, Ben Hunte, ainmeachadh mar a’ chiad neach-naidheachd LCDT aca.

Roinn-sèorsa: An Rìoghachd Aonaichte, Cùltar


Riaghailtean ùra gus dèiligeadh ri gràin-tar-ghnèitheachd air Twitter

26 An t-Samhain 2018 le

Tha Twitter air na riaghailtean aca ùrachadh gus dèiligeadh ri daoine a tha ri gràin-tar-ghnèitheachd.

Roinn-sèorsa: Teicneòlas


Bu chòir cùisean LCDT+ a bhith na phàirt “bunaiteach” de dh’fhoghlam chloinne

22 An t-Samhain 2018 le

Tha doctairean bho Cholaiste Rìoghail Leigheas agus Slàinte Chloinne (RCPCH) air aontachadh gum bu chòir cùisean LCDT a bhith na phàirt “bunaiteach” de dh’fhoghlam chloinne.

Roinn-sèorsa: An Rìoghachd Aonaichte, Foghlam, Slàinte


Poileas Alba ri sùil a thoirt air ionmhas Fèis-pròise Ghlaschu

19 An t-Samhain 2018 le

Chaidh iarraidh air Poileas Alba sùil a thoirt air ionmhas Fèis-pròise Ghlaschu.

Roinn-sèorsa: Alba, Fèisean-pròise, Lagh


Cùisean LCDTE ri theagaisg ann an sgoiltean Albannach airson a’ chiad turas

9 An t-Samhain 2018 le

Chaidh ainmeachadh le Riaghaltas na h-Alba Diardaoin gun tèid cùisean LCDTE a theagaisg ann an leasanan sgoile airson a’ chiad turas.

Roinn-sèorsa: Alba, An Rìoghachd Aonaichte, Foghlam, Poilitigs


Aonar anns gach triùir de dhaoine LCD a’ fulang burraidheachd ann an sgoil agus san àite-obrach

8 An t-Samhain 2018 le

Tha aonar anns gach triùir de dhaoine leasbach, co-sheòrsach agus dà-sheòrsach a dh’fhulaing burraidheachd nuair a bha iad ann an sgoil cuideachd a’ fulaing burraidheachd san àite-obrach a-rèir sgrùdadh ùr bho Oilthigh Anglia Ruskin.

Roinn-sèorsa: An Rìoghachd Aonaichte, Foghlam, Gnìomhachas


Fèis film LCDT+ ri tilleadh a Ghlaschu

6 An t-Samhain 2018 le

Thèid an ceathramh Scottish Queer International Film Festival (SQIFF) a thilleadh a Ghlaschu 5mh – 9mh An Dùbhlachd.

Roinn-sèorsa: Alba, Cùltar


Maoineachadh de £1 millean a bharrachd dhan iomairt an aghaidh burraidheachd LCDT+

5 An t-Samhain 2018 le

Chaidh ainmeachadh leis an Riaghaltas Didòmhnaich gun tèid maoineachadh de £1 millean a bharrachd a thoirt dhan strì an aghaidh burraidheachd LCDT+ ann an sgoiltean.

Roinn-sèorsa: An Rìoghachd Aonaichte, Foghlam, Poilitigs


Còrr is $3000 air a thogail airson leabhraichean cloinne LCDT+ a thoirt ri leabharlann Ameireaganach

2 An t-Samhain 2018 le

Tha an t-eadar-lìon air còrr is $3000 a thogail gus leabhraichean cloinne LCDT+ ùra a cheannach dhan leabharlann ann am Baile Orainds, Iowa.

Roinn-sèorsa: An t-Saoghal, Cùltar, Foghlam, Lagh


Jeff Bezos air tabhartas de $10,800 a thoirt gu Seanadair Poblachdach a bhòtas gu cunbhalach an aghaidh còirichean LCDTE+

1 An t-Samhain 2018 le

Tha Jeff Bezos, Ceannard Amazon, air tabhartas de $10,800 a thoirt gu Seanadair Poblachdach a tha air bhòtadh gu cunbhalach an aghaidh còirichean LCDTE+.

Roinn-sèorsa: An t-Saoghal, Gnìomhachas, Poilitigs


Fèis-pròise Iúr Cinn Trá gu bhith a’ toirt aoigheachd dha Fhèis-pròise an Rìoghachd Aonaichte 2019

30 An Dàmhair 2018 le

Chaidh ainmeachadh gum bi Fèis-pròise Iúr Cinn Trá (Newry) a’ toirt aoigheachd dha Fhèis-pròise an Rìoghachd Aonaichte 2019.

Roinn-sèorsa: An Rìoghachd Aonaichte, Fèisean-pròise


A’ chiad cead-siubhail neo-ghèitheach air a thoirt a-mach anns na Tìrean Ìsle

23 An Dàmhair 2018 le

Chaidh cead-siubhail neo-ghnèitheach (gender neutral) a thoirt a-mach anns Na Tìrean Ìsle airson a’ chiad turas.

Roinn-sèorsa: An Roinn-eòrpa, An t-Saoghal, Lagh, Poilitigs


Dòchas ùr airson pòsadh aon-sheòrsach ann an Èirinn a Tuath

23 An Dàmhair 2018 le

Tha dithis bhall-phàrlamaid Làbarach air plana a chur an gnìomh a dh’fhaodadh pòsadh aon-sheòrsach a dhèanamh laghail ann an Èirinn a Tuath.

Roinn-sèorsa: An Rìoghachd Aonaichte, Lagh, Poilitigs


An t-Òban airson a’ chiad fèis-pròise aca a chumail an ath-bhliadhna

10 An Dàmhair 2018 le

Thèid fèis-pròise a chumail anns an t-Òban an ath-bhliadhna airson a’ chiad turas a-riamh.

Roinn-sèorsa: Alba, Fèisean-pròise