Gèidh.uk agus Pink Saltire gu bhith co-obrachadh air sèirbheis-naidheachd LGBT do Ghàidheil

Tha mi air leth toilichte a bhith ag obair comhla ri Pink Saltire gus barrachd den t-susbaint aca a thabhann tro mheadhan na Gàidhlig! Leanaibh Pink Saltire Làrach-lìn: https://pinksaltire.com Twitter: @PinkSaltire Facebook: @PinkSaltire Snapchat: PinkSaltire Post-d: info@pinksaltire.com Mu Phink Saltire Tha Pink Saltire na na bhuidheann carthannais clàraichte Albannach (SCIO) agus air a liostadh air a' chlàr carthannais […]

Casg air tar-ghnèithich ann an seirbheisean armailteach nan Stàitean Aonaichte

Chaidh a dhearbhadh le Ceann-suidhe nan Stàitean Aonaicte Donald Trump gu bheil casg air a chuid as motha de thar-ghnèithich le mì-rian ghnèitheach bho sheirbheis armailteach. A-rèir an aithris aige chaidh am poileasaidh ùr seo leasachadh mar thoradh air sgrùdadh farsaing a rinn ceannardan armailteach agus sìobhalta. A bharrachd air an aithris chaidh meòrachadn bho […]

Càineadh mu phostair oilbheumach ann an taigh-seinnse Lìteach

Chaidh càineadh a dhèanamh air an taigh-seinnse The Office ann an Lìte mu phostair oilbheumach a th' anns na taighean-beaga aca. Tha am postair air ainmeachadh Office Banter agus e a' liostadh diofar abhcaidean a tha gràin-chinnidheach, gnèithealach agus gràineil ri luchd-LGBT. Am-measg na h-abhcaidean, tha eisimpleirean mar: “What’s the hardest part of rollerblading? Telling […]

Dealbh le Levi Saunders air Unsplash

Fèisean Pròise 2018

Seo agaibh liosta de dh'fhèisean Pròise am-bliadhna. Fàgaibh beachd gu h-ìosal ma tha sibh eòlach air fear a tha a dhìth. Am Màrt • Trans Pride Scotland – 31 Màrt ann an Dùn Èideann, Alba An Giblean • Miami Beach Gay Pride – 2-8 Giblean ann am Miami, Florida, Na Stàitean Aonaichte • Phoenix Pride […]

Riaghaltas na h-Alba airson laghan a-thaobh dearbh-aithne ghnèitheach ath-leasachadh

Tha Riaghaltas na h-Alba air ràdh gum bi iad a’ dol air adhart le planaichean gus laghan a-thaobh dearbh-aithne ghnèitheach ath-leasachadh as dèidh gun do chur Riaghaltas Bhreatainn dàil air na planaichean acasan. Dh’ainmich Justine Greening, Rùnaire an Fhoghlaim agus Ministear nam Ban, anns an t-Iuchar 2017 gum bidh Riaghaltas Bhreatainn ath-leasachadh an lagh a-thaobh […]

42 tagraichean LGDT+ a’ sireadh taghaidh ann an Teagsas am bliadhna

A-rèir an iris OutSmart tha co-dhiù 42 tagraichean LGDT+ a’ sireadh taghaidh ann an Teagsas am bliadhna. Tha dithis dhe na tagraichean a’ sireadh taghaidh mar Riaghladair, aonar mar bhall Àrd-chuirt Theagsais, triùir mar bhuill Seanadh Theagsais, deichear mar bhuill Taigh Theagsais, ochdnar mar bhuill a’ Mhór-dhàil agus dùsain eile a’ sireadh oifisean laghail eile. Am […]

Co-labhairt “An Equal Future?” a’ beachdachadh air na dhìth airson Alba a dhèanamh na dùthaich nas in-ghabhalaiche

Tha Òigridh LGDT na h-Alba agus Clann ann an Alba gu bhith a’ cumail co-labhairt gus beachdachadh air na dhìth airson Alba a dhèanamh na dùthaich nas in-ghabhalaiche. Thèid an co-labhairt “An Equal Future?” a chumail 1 An Gearran 2018 mar phàirt den mhìos air eachdraidh LGBT agus mar phàirt de Bliadhna na h-Òigridh 2018. […]